Deadline: 1 March 2022

Does your local area inspire you to create?
Are there local myths, legends or personal tales to be told? 
Want to share your creativity and be part of a national tour telling Scotland’s stories?

(Please scroll down for Gaelic version / Scrolaig sìos chun an tionndaidh Ghàidhlig)

As part of Scotland’s Year of Stories, Creative Lives has teamed up with Scottish Ensemble to present 'Scottish Creations'.

We're inviting amateur artists and makers across Scotland to be part of a special exhibition that will accompany Scottish Ensemble’s tour of Scotland in May 2022. 

We're looking for paintings, drawings, tapestry, knitting, poetry, wood carving, illustration, photography, pottery – or however you choose to be creative – that are inspired by your local area and its stories.

Whether it’s a well-known tale, a family story or a local legend, we want to explore the stories that represent where you live or where you’re from. The lockdowns may have forced many of us to stay at home but they also gave us the chance to focus on what's right on our doorsteps. As the world opens up again, we want to share these local stories with the nation.

From this open call for submissions, we’ll select a variety of creative works to display in our pop-up exhibition at each venue on the tour. We’re also creating a digital exhibition, where all submissions can be displayed – including digital works such as music, film, animation and soundscapes.

Scottish Ensemble’s Scottish Creations tour in May 2022 will visit Mull, Dumfries, Skye, Inverness, Shetland, Aberdeen and Dundee – but we’re inviting people from across Scotland to share their creations and love for their local area. More details about the tour will be announced in early 2022.

Get inspired

How do you turn a story or a place into a work of art? In November 2021 we’ll be releasing a series of videos exploring how music inspires members of Scottish Ensemble and composer Ailie Robertson, who is creating a brand new piece of music inspired by storytelling for our May 2022 tour. Hosted by community arts expert Kathryn Welch, these videos will help you find inspiration for your own artwork and give you a chance to find out more about how to get involved in Scottish Creations.

How to submit

Submitting your artwork for the exhibition is free! All artworks will be featured in our digital exhibition, and a selection of frameable and tourable items will be chosen for the pop-up exhibition accompanying the Ensemble's tour in May 2022.  

If your artwork is a physical object (drawing, painting, embroidery, sculpture etc), please submit a photograph of it (along with size dimensions) to [email protected] 

If your artwork is digital (film, music, animation etc) please submit this via email or WeTransfer to [email protected]

Along with your artwork, please send us a short description of the story or place that has inspired you and how it makes you feel (no more than 250 words).

If your artwork is selected for the touring exhibition, we’ll be in touch in April 2022 to arrange for transport and framing of your artwork. The artwork will remain yours, and at the end of the project we will support with the return of your framed artwork.

Timeline

10 November 2021 - Submissions open!

November 2021 - Inspiration videos released on the Creative Lives and Scottish Ensemble website

1 March 2022 - Deadline for submissions

April 2022 - Find out if your work has been selected for the touring exhibition

May 2022 - Scottish Ensemble tours the exhibition around Scotland

June 2022 - Digital exhibition opens!

Get in touch

We’d love to hear from you if you have questions about the project, or want to share how you’re getting on with your artwork:

Email: Kelly Donaldson at [email protected]

Twitter: @CreativeLivesCL @ScotEnsemble

Facebook: @CreativeLivesCL @ScottishEnsemble

Instagram: @CreativeLivesCL @ScottishEnsembleStrings

Cruthachdan Albannach

Pàirt de Bhliadhna Sgeulachdan na h-Alba  

A bheil do sgìre ionadail gad bhrosnachadh gu bhith cruthachail?
A bheil miotasan, fionn-sgeòil no sgeulachdan pearsanta ri an innse?
A bheil thu airson do chruthachalachd a roinn agus a bhith nad phàirt de chuairt nàiseanta ag innse sgeulachdan na h-Alba?

Tha orcastra theudan tùsaireach na h-Alba, Co-cheòltairean na h-Alba (Scottish Ensemble) air a dhol ann an co-bhonn le Beathannan Cruthachail (Creative Lives) gus cuireadh a thoirt do luchd-ealain neo-dhreuchdail agus luchd-dèanamh air feadh Alba gu pàirt a ghabhail ann an Cruthachdan Albannach, a’ tional sgeulachdan bho air feadh na dùthcha agus a’ glacadh mar a tha thu a’ faireachdainn mun sgìre ionadail.

Tha sinn a’ curaideachadh taisbeanadh sònraichte gus a dhol air chuairt còmhla ri cuairt Co-cheòltairean na h-Alba sa Chèitean 2022, agus a’ coimhead airson dealbhan peantaidh, dealbhan tarraingte, grèis-bhrat, fighe, bàrdachd, snaigheadh fiodha, sgead-dealbhadh, dealbh-thogail, crèadhadaireachd – no dòigh sam bith a tha thu a’ roghnachadh a bhith cruthachail – a tha air am brosnachadh leis an sgìre ionadail agad agus a sgeulachdan. 

Eadar gur e sgeulachd aithnichte a th’ ann, sgeulachd teaghlaich no fionn-sgeul ionadail, tha sinn airson nan sgeulachdan a rannsachadh a tha a’ riochdachadh far a bheil thu a’ fuireach no cò às a tha thu. Dh’fhaodadh gu bheil na glasaidhean-sluaigh air toirt air mòran againn fuireach aig an taigh ach thug iad cothrom dhuinn cuideachd cuimseachadh air na tha air an stairsnich againn. Mar a tha an saoghal a’ fosgladh suas a-rithist, tha sinn airson nan sgeulachdan ionadail sin a roinn leis an dùthaich air fad.

Bhon ghairm fhosgailte seo airson tagraidhean, taghaidh sinn measgachadh de phìosan obrach chruthachail gus an cur suas san taisbeanadh shealach againn aig gach ionad-cruinneachaidh air a’ chuairt. Tha sinn cuideachd a’ cruthachadh taisbeanadh didseatach, far am faod na tagraidhean uile a bhith air an taisbeanadh – a’ gabhail a-steach obraichean didseatach leithid ceòl, film, beò-dhealbhadh agus cruthan-fuaime. 

Bidh cuairt Cruthachdan Albannach aig Co-cheòltairean na h-Alba sa Chèitean 2022 a’ tadhal ann am Muile, Dùn Phris, an t-Eilean Sgitheanach, Sealtainn, Obar Dheathain agus Dùn Dè – ach tha sinn a’ toirt cuireadh do dhaoine bho air feadh Alba an cruthachdan agus an gràdh don sgìre ionadail a roinn. Thèid fiosrachadh mionaideach mun chuairt ainmeachadh tràth ann an 2022.

Bithibh air ur Brosnachadh

Ciamar a thionndaidheas tu sgeulachd no àite na phìos ealain? San t-Samhain 2021, bidh sinn a’ sgaoileadh sreath de bhidiothan a tha a’ rannsachadh mar a tha ceòl a’ brosnachadh buill de Cho-cheòltairean na h-Alba agus an sgrìobhaiche-ciùil, Ailie Robertson, a tha a’ cruthachadh pìos ùr-nodha de cheòl a tha air a bhrosnachadh le innse-sgeulachdan airson cuairt sa Chèitean 2022. Fo aoigheachd an eòlaiche ealain coimhearsnachd, Kathryn Welch, cuidichidh na bhidiothan sin thu gu brosnachadh a lorg don obair-ealain agad fhèin agus cothrom a thoirt dhut air tuilleadh fhaighinn a-mach mu dheidhinn a dhol an sàs ann an Cruthachdan Albannach.

Tagradh a chur a-steach

Tha e an-asgaidh obair-ealain a chur a-steach airson an taisbeanaidh! Bidh an obair-ealain uile air a nochdadh san taisbeanadh dhidseatach againn. 

Mas e nì fiosaigeach a th’ anns an obair-ealain agad (dealbh-tarraingte, dealbh-peantaidh, obair-ghrèise, ìomhaigh-snaighte, is eile), cuir a-steach dealbh-togte dheth (còmhla ri am meudachdan) gu [email protected] 

Ma tha an obair-ealain agad didseatach (film, ceòl, beò-dhealbhadh, is eile), cuir a-steach seo air post-d no WeTransfer gu [email protected]

Còmhla ris an obair-ealain agad, cuir thugainn tuairisgeul goirid mun sgeulachd no mun àite a tha air do bhrosnachadh agus na faireachdainnean a tha e a’ toirt dhut (gun bharrachd na 250 facal).

Ma bhios d’ obair-ealain air a thaghadh don taisbeanadh air chuairt, bidh sinn ann an conaltradh sa Ghiblean 2022 gus còmhdhail agus frèamadh air an obair-ealain agad a chur air dòigh. Bidh an obair-ealain leatsa an-còmhnaidh, agus aig deireadh a’ phròiseict bheir sinn cuideachadh leis an obair-ealain agad air a fhrèamadh, a thoirt dhut air ais. 

Loidhne-ama

10 Samhain 2021    Tagraidhean fosgailte!

Samhain 2021 Bhidiothan brosnachaidh air Beathannan Cruthachail gan sgaoileadh air làrach-lìn Co-cheòltairean na h-Alba 

Màrt 2022 Ceann-latha airson tagraidhean 

Giblean 2022 Faigh a-mach a bheil d’ obair air a thaghadh airson an taisbeanaidh air chuairt 

Cèitean 2022 Co-cheòltairean na h-Alba air chuairt leis an taisbeanadh air feadh Alba

Ògmhios 2022 An taisbeanadh didseatach a’ fosgladh!  

Cuir fios thugainn

Chòrdadh e rinn gu mòr cluinntinn bhhuaibh le ceistean sam bith mun phròiseact, no ag iarraidh innse mar a tha thu a’ faighinn air adhart leis an obair-ealain:

Post-d: Kelly Donaldson [email protected]

Twitter: @CreativeLivesCL @ScotEnsemble

Facebook: @CreativeLivesCL @ScottishEnsemble

Instagram: @CreativeLivesCL @ScottishEnsembleStrings